CATHAG DHEARG-CHASACH Cuideachd: CATHAG NAN CASAN DEARGA Brath-bloga ùr: www.faclair.ac.uk/blog/379/gd ’S e a’ chathag dhearg-chasach (red-billed chough) a tha fon phrosbaig aig Tòmas anns a’ bhrath-bhloga ùr seo. Tha e a’ trusadh na fianais a tha againn ann an Gàidhlig air an eun ainneamh sa.
Tòmas MacAilpein
@macailpein.bsky.social
Gàidhlig is Gaeilge. Ag obair do @faclair.bsky.social. Nam dheasaiche air an iris litreachais @steallmag.bsky.social. (Cuir teachdaireachd thugam ma tha beachd sam bith agad don iris!). Mo bharailean fhìn, tha fios.
CATHAG ~ eun meadhanach mòr dubh is glas a tha càirdeach don fheannaig. An t-inntreadh: www.faclair.ac.uk/entries/46 #cathag #jackdaw
A new collection of poems sheds light on women’s poetic voices across Wales, Ireland and Scotland between 1400 to 1800
New anthology shines light on centuries of Celtic women's poetry
A new collection of poems sheds light on women’s poetic voices across Wales, Ireland and Scotland between 1400 to 1800. The new anthology is a collaboration between academics at Aberystwyth, Connectic...
wp.me
Ailean Dòmhnallach a’ seinn na pìob-bhig còmhla ri Tiarnán Ó Duinnchinn air a’ phìob-uilinn agus Laoise Kelly air a’ chlàrsach aig fèis pìobaireachd #PipingLive2026 ann an Glaschu. Ceoltóirí Gaelacha den chéadscoth!
GARMAN ~ fear dhe na croinn ann am beart-fhighe Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/99 Anns a’ Ghàidhlig Èireannaich, ’s e ‘garma’ a tha oirre seo: www.teanglann.ie/en/fgb/garma
DUBHAR GRÈINE ~ solar eclipse Seo post gu math anmoch mu chuspair a tha air beul an t-sluaigh an-diugh! Tha diofar dhòighean air ‘solar eclipse’ a ràdh ann an Gàidhlig. ’S e ‘dùbhradh na grèine’ as cumanta a rèir toraidhean Chorpas na Gàidhlig, agus tha ‘dubhadh na grèine’ ri chluinntinn gu tric.
Oidhche nam Bàrd: Pàdraig MacAoidh, Anne Frater, Niall O’ Gallagher, Sandy NicDhòmhnaill, Rody Gorman, Marcas Mac an Tuairneir, Màrtainn Mac an t-Saoir, Maoilios Caimbeul, Crìsdean MacIlleBhàin, agus Meg Bateman. Ceòl le Alasdair MacIlleBhàin, Gillebrìde MacIlleMhaoil & Claire Frances NicNèill.
Thàinig Rannsachadh na Gàidhlig 11 (2026) gu crìch an-dè. Bha sgioba Fhaclair na Gàidhlig air ar dòigh bruidhinn ann an ciad làn-choinneimh na co-labhairt Dimàirt. Agus, ’s e tlachd dhà-rìribh a bh’ ann a bhith a’ frithealadh na co-labhairt fhèin. Dh’ionnsaich sinn an t-uabhas bho òraidean chàich.
#RannsachadhNaGàidhlig2026 an-ath-sheachdain ann an Oilthigh Ghlaschu: rannsachadh2026.gla.ac.uk Bruidhnidh sgioba Faclair na Gàidhlig aig a’ chiad làn-choinneimh air Dimàirt 14 Iuchar, 9.30m–10.30m air ‘Adhartas ann am Faclaireachd Eachdraidheil na Gàidhlig’. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris!
www.rte.ie/radio/rnag/c... Srian ar shaorántacht ar bhonn breithe curtha ar ceal, SÁM agus an Iaráin, Crith talún Veniseála, agus an Rúis ag fulaingt. na scéalta á phlé ag Antóin Mac Unfraidh agus Angus Lambkin, Oibrí Daonchairdis. @fachtna.bsky.social @rternag.bsky.social @tusaite.bsky.social
Gaelaithe, a bhuí le Ciarán ar Cogar.
Seo daoibh mapa d'Éirinn sa bhliain 1500. Is é seo an chéad mhapa don dara imleabhar den magnum opus. 'Nua-stair na hÉireann' a bheidh air, nó 'Nuastair na hÉireann' b'fhéidir - táim idir dhá chomhairle maidir leis an bhfleiscín ...
BODACH-STARRAIG 🌾👩🌾 www.faclair.ac.uk/entries/87 Is ionnan seo agus BODACH-RÒCAIS, mar a bha againn an-dè. Gu h-ìseal, leughar criomag bhon sgeulachd ghoirid èibhinn ‘Am Bas-àr’ a nochd anns a’ chiad àireamh de GAIRM (1952).
BODACH-RÒCAIS 👨🏻🌾 www.faclair.ac.uk/entries/88 Cumadh duine a chuirear ann an achadh airson eagal a chur air eòin gus nach ith iad sìl no bàrr. 𝟏𝟖𝟗𝟗 𝑀𝑎𝑐-𝑇𝑎𝑙𝑙𝑎 VII No. 42. 331 Lìon iad aodach Dhomhnuill deth ’n fhodar, a deanadh bodach-ròcais cho math ’sa sheas riamh air achadh. #bodachròcais
FALLAID 🍞🍚🌾 www.faclair.ac.uk/entries/84 Craiteachan de mhin-fhlùir no de mhin eile. 𝟏𝟖𝟗𝟏 Nic-a-Phearsoin 𝐷𝑎̀𝑖𝑛 𝑎𝑔𝑢𝑠 𝑂𝑟𝑎𝑖𝑛 𝐺ℎ𝑎̀𝑖𝑑ℎ𝑙𝑖𝑔 123 ’S gur e mo chrìdh tha cràiteach, | A’ faicinn dol mo chàirdean, | Ga ’m pianadh ris an àiteach, | ’S nach dean am bàrr an fhallaid dhaibh.
Dheigheadh sinn a dh’iasgach, mi fhèin is m’ athair, is lìonadh sinn an eathar le peilichean de rionnach, liutha, is dheigheadh sinn timcheall a’ bhaile gu gach nàbaidh gus am biodh na peilichean falamh… —Iain MacRath, “Dheigheadh sinn a dh’iasgach” Don’t. Even. Ask. Too. Hot.: NWS 42 #FathersDay
Feasibility study on Gaelic-medium secondary education for Comhairle nan Eilean Siar (Western Isles Council) that I conducted this year with Dr Fiona O’Hanlon and Kathryn MacAskill. The Comhairle will now develop a delivery plan and progress to a stage 2 review www.cne-siar.gov.uk/sites/defaul...
Coinneamh mhòr eile! Thàinig an Comataidh Deasachaidh againn cruinn còmhla an-dè ann an Oilthigh Ghlaschu. 👩🏫📖📚 Bhruidhinn sinn mu chuid de na tòimhseachain ris a bheil deasaichean an fhaclair a' gleac an-dràsta, m.e., ceann-fhaclan, faclan fillte, ainmearan gnìomhaireach, structar nan gnìomhairean.
𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝗶𝘀, 𝗿𝗼̀𝗰𝗮𝘀 An t-inntreadh as ùire againn: www.faclair.ac.uk/entries/86 𝙖𝟭𝟳𝟳𝟵 𝘚𝘰𝘯𝘨𝘴 𝘰𝘧 𝘑𝘰𝘩𝘯 𝘔𝘢𝘤𝘊𝘰𝘥𝘳𝘶𝘮 (1938) 66 Ceòl tha cho sgreataidh | Ri sgreadail nan ròcas. Dè chanas tu fhèin ris an eun seo: ròcais, ròcas, ròcaideach, no fiù ’s cnàimheach? #ròcas #ròcais #rook #CorvusFrugilegus
Tha mi uamhasach toilichte aithris gu bheil An Luingeas Dorcha air Fàire anns na bùithtean a-nis!! Cuideachd, tha Air Cuan Dubh Drilseach air ais ann an clò an dèidh bhliadhnaichean mòra. Gheibhear fios far am faighear iad aig a' cheangal an seo: drilseach.net/2026/06/07/t...
Tha iad ann an clò!
Tha mi toilichte a ràdh gu bheil an nobhail ùr agam, An Luingeas Dorcha air Fàire, a-nis anns na bùithtean! Cuideachd, rinn CLÀR ath-chlò-bhualadh dhen chiad nobhail anns an t-sreath, Air Cuan Dubh…
drilseach.net
Mura bhfuil an t-úrscéal Flaitheas léite go dtí seo agaibh, inniu an lá! Is é inniu an 9 Meitheamh, Lá Pátrúin Cholmcille, an naomh is ábhar don úrscéal le Proinsias Mac A' Bhaird. leabharbreac.com/colmcille-la...
Colmcille: Lá an Phátrúin - Leabhar Breac
Mura bhfuil an t-úrscéal Flaitheas léite go dtí seo agaibh, inniu an lá! Is é inniu an 9 Meitheamh, Lá Pátrúin Cholmcille, an naomh is ábhar don úrscéal le Proinsias Mac a'Bhaird.
leabharbreac.com
𝗺𝗮𝗶𝗱𝗲-𝗳𝗲𝗮𝗻𝗻𝗮𝗶𝗴 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/59 𝟭𝟵𝟵𝟳 𝘎𝘢𝘪𝘳𝘮 178 119 Theirte na maidean-feanaig ris na cabair air gach ceann den taigh ris an robh an sìoman air a cheangal aig na cinn. #taighdubh #Gàidhlig #maidefeannaig #sìoman
An t-seachdain sa chaidh, bha turas air leth aig sgioba Fhaclair na Gàidhlig a Bhaile Átha Cliath gus cèilidh air ar caraidean ann am Foclóir Stairiúil na Gaeilge, stèidhichte ann an togalach àlainn Acadamh Ríoga na hÉireann. #FoclóirStairiúilNaGaeilge @ria.ie
FAIDHBHILE 🌳 www.faclair.ac.uk/entries/12 𝙖𝟭𝟴𝟮𝟮 𝘔𝘢𝘤𝘓𝘢𝘤𝘩𝘭𝘢𝘯’𝘴 𝘎𝘢𝘦𝘭𝘪𝘤 𝘝𝘦𝘳𝘴𝘦 (1937) 191 Thurluing e, ’s fo’n fhaibhill ghuirm | Dhruid ri bannrigh bhuirb nan creuchd. Seo às-earrann bho thionndadh Gàidhlig a rinn Eòghann MacLachlainn (1775–1822) air Leabhar 7 dhen Iliad.
PLANAID 🌎 Inntreadh ùr: www.faclair.ac.uk/entries/85 Lorgar an teisteas as tràithe as aithne dhuinn den fhacal ann an liosta fhaclan leis an Urr. Raibeart Kirk (1644–1692). 𝙖𝟭𝟲𝟵𝟮 Kirk 𝘝𝘰𝘤𝘢𝘣𝘶𝘭𝘢𝘳𝘺 (1702) Planèid [...] A Planet. #planaid #Gàidhlig #RaibeartKirk
SCANNÁN: ‘Cad é fuaimrian an tsaoil? – 100 Bliain na Gaeltachta, sraith nua físeán ó Tuairisc
SCANNÁN: ‘Cad é fuaimrian an tsaoil? – 100 Bliain na Gaeltachta, sraith nua físeán ó Tuairisc
100 bliain ó leag Coimisiún na Gaeltachta síos teorainneacha na Gaeltachta, caitear súil i sraith nua físeán ar stair na Gaeltachta agus ar a bhfuil i ndán di… An teanga féin atá faoi chaibidil againn...
tuairisc.ie
𝘗𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 Is ionnan 𝘱𝘪𝘢𝘵𝘢𝘯 agus 𝘱𝘦𝘢𝘵𝘢(𝘯). Tha na leanas mar chaob à deagh sgeulachd 🐯: 𝟭𝟴𝟵𝟱 𝘔𝘢𝘤-𝘛𝘢𝘭𝘭𝘢 IV No. 13. 3. Bha beatha ’n duine air a shàbhaladh, agus faodaidh sinn a bhi cinnteach nach do chum e piatan tigeir riamh tuilleadh.
Tha mòran seòlaidh san nobhail ùir agam, agus mar sin, air a' bhlog agam, cuiridh mi suas 'faclair lèirsinneach' den bhriathrachas mharaiche a nochdas innte. Chan eil e deiseil fhathast, ach tha na dealbhan spòrsail, agus shaoil mi gun cuirinn beagan dhiubh suas an seo, cuideachd. Seo a dhà.