STEALL

@steallmag.bsky.social

Iris litreachais Ghàidhlig. A’ brosnachadh sgrìobhadh de gach seòrsa: ficsean, bàrdachd, neo-fhicsean, lèirmheasan. Sgrìobhadh / beachdan gu: deasaiche.steall@outlook.com Ceannaich STEALL: https://clar.online/product-category/steall/ Foillsichte le CLÀR.

Buidheachas do @macailpein.bsky.social & Rody Gorman, nochd dà dhàn a rinn mi ann an STEALL 10: 'Nàdar de Dheas-ghnàth', stèidhichte air dealbhan le John Duncan, agus 'Teachdaireachd bhon Mhuir' air Uilleam Mac an t-Sagairt. Tha e na thoileachas dhomh a bhith anns an àireamh am measg charaidean.

STEALL@steallmag.bsky.social · 6mo ago

Tha sinn toilichte a ràdh gu bheil STEALL 10 ri cheannach! Faigh lethbhreac an-diugh: www.gaelicbooks.org/.../nua-bhar... #STEALL #CLÀR #Gàidhlig

Cumaibh 14mh–16mh Iuchar 2026 airson Rannsachadh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Gairm phàipearan & fiosrachadh clàraidh uile ri thighinn. Hold 14th–16th July 2026 for the Rannsachadh na Gàidhlig conference at the University of Glasgow. Call for Papers & Registration information all to follow.

Bild

Siuthadaibh a bhàrdaibh! Tha cothrom an seo air ur cuid dhàn fhoillseachadh. Agus an do leugh thu leabhar Gàidhlig* bho chionn ghoirid? Tha sinn ag iarraidh do bheachdan a chluinntinn! *No leabhar mun Ghàidhlig, mun Ghàidhealtachd, no air cuspair eile a bhiodh inntinneach do leughadairean STEALL.

Bild

Siuthadaibh a bhàrdaibh! Tha cothrom an seo air ur cuid dhàn fhoillseachadh. Agus an do leugh thu leabhar Gàidhlig* bho chionn ghoirid? Tha sinn ag iarraidh do bheachdan a chluinntinn! *No leabhar mun Ghàidhlig, mun Ghàidhealtachd, no air cuspair eile a bhiodh inntinneach do leughadairean STEALL.

Bild

Tha sinn fortanach dha-rìribh gur e Rody Gorman an deasaiche bàrdachd ùr a bhios air STEALL. Tha Rody ag obair mar bhàrd, sgrìobhadair, deasaiche, eadar-theangair agus neach-teagaisg. Chaidh an dreach a chuir e air sgeul Buile Shuibhne, Sweeney: an Intertonguing fhoillseachadh anns a’ Mhàrt 2024.

Bild

Ùidh agad rudeigin a chur gu STEALL? Seo am fiosrachadh a bhios a dhìth ort! Tha STEALL ag amas air gach seòrsa litreachais a bhrosnachadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Thèid againn air beagan taic a chur ri sgrìobhadairean ùra le litreachadh is gràmar.

Fiosrachadh mu bhith a' sgrìobhadh don iris Ghàidhlig STEALL:

SGRÌOBH DHUINN. 

Sgeulachdan goirid – 1,000-3,000 facal
Bàrdachd – 4–6 dàin*
Altan/Aistean – 1,000-3,000 facal
Agallamhan – 1,000-3,000 facal
Lèirmheasan  – 750-1,000 facal

Bhiodh ùidh againn cuideachd ann an:
litrichean, beachdan goirid, dràma, ealain, cartùnaichean, is eile

Cuir fios gu: deasaiche.steall@outlook.com

*Tha beagan sùbailteachd an seo a rèir an deasaiche bàrdachd

📣 GAIRM airson sgrìobhaidhean ùra! 📣 Cuir thugainn pìosan sgrìobhaidh ro 30 GIBLEAN airson cothrom a bhith ann an STEALL 10. Fios gu: deasaiche.steall@outlook.com

Am faca tu AN T-EILEAN fhathast? Dè do bheachd air mar dhràma Gàidhlig agus an taca ri dràma eucoir eadar-nàiseanta? ’S e a bhiodh math beachdan, goirid agus nas fhaide, fhaicinn anns an ath àireimh de STEALL. 😉🕵️‍♂️

Bild